Sign Up

Gaelic Blog

Scooby- doo mural

23rd An Lùnastal 2007

‘S e an diugh a chiad latha a bha sinn ag obair anns am ‘Barrio’. Thoisich sinn ar obair a’ glanadh rùm bheaga far a bheil computairean a’ dol.

Bha tòrr dusta ann ach nuair a’ chriochnaich sinn bha e a’ coimhead gu math spadeil! Chaidh e a’ pheantadh agus an uair sin chuir sinn deich computair ann a thainig thall ann am bogsa mòr le tòrr stuth eile mar peant agus bruisean na bhroinn. Bi na daoine bhon ‘Barrio’ ga chleachdadh. ‘S e latha doirbh a bh’ann ach tha mi a’ faireachdainn toilichte gu bheil mi a’ cuideachadh daoine bhon àite seo aig nach eil tòrr.

24th An Lùnastal 2007

An diugh thoisich sinn air ‘Murals’ a pheanteadh ann an sgoil beag airson clann òga, coltach ri Sgoil Àiraich. Nuair a rànaig sinn bha an togalach a’ coimhead gu math dorcha ach tha sinn air diofar a dhèanamh oir tha e a’ coimhead nas beothail.

Cuideachd, an diugh, airson a chiad uair rinn sinn ‘Soup Kitchen’. Rinn sinn brot a-mach a feòil agus choisich sinn mun cuairt pìos dhen ‘Barrio’ ga toirt gu daoine bochd agus seann dhaoine. Bha e a’ bristeadh mo chridhe daoine fhaicinn mar seo ach bha iad cho toilichte nuair a’ chuidich sinn iad.

Search

Text size a a a